June/July An t-Ògmhìos/An t-Iuchar 2011 |
|
Airson an Leabhair Là |
|
3mh - 8mh An t-Iuchar Ceòlas: Sgoil Shamhraidh agus Fèis Chiùil Dalabrog, Uibhist a Deas Fèis de cheòl, òrain is dannsa Gàidhealach ann an Uibhist a Deas, a' gabhail a-staigh cuirmean-ciùil, cèilidhean agus cothroman gu leòr airson na h-ealain tradiseanta seo fheuchainn le sàr luchd-teagaisg agus luchd-stiùiridh ann am bùthan-obrach.
Brùth an seo airson tuilleadh fiosrachadh... ................................ 23mh - 24mh An t-Iuchar Fèis Chiùil Thiridhe Airson fiosrachadh brùth an seo...
................................ 25mh - 30mh An t-Iuchar Còmhdail Eadar-Nàiseanta Ceilteach, An Gearastan Seachdain de dh'òraidean, cèilidhean agus cuairtean a dh'àiteachan eachdraidheil. Clasaichean cànan agus seinn ann an Gàidhlig gach madainn.
Airson barrachd fiosrachadh: Christine Mackay - Chris@eileanluinn.freeserve.co.uk .................................
3mh - 8mh An t-Iuchar
Fèis Ealain na Hearadh Feasgaran de sgeulachdan agus òrain a' sgrùdadh cultar Innse Gall, airson clan agus inbhich. Tuilleadh fiosrachadh an seo.
|
Leabhraichean |
Cuid a' Chorra-Ghrithich le Alasdair Caimbeul foillsichte Samhradh 2011
"Os cionn gleadhraich na bainnse, bha caraid dha Coinneach Mòr, Am Bobo, a' seinn amhran tiamhaidh às an sgìre aige fhèin, agus dh'fheumadh i èigheachd. "Nuair chì mi balaich Shesiadair . . ." sheinn Am Bobo. Bhris duineigin timilair. "Mo nàire!" dh'èigh Magaidh Mhòr. "A bharrachd air pàist eile anns a' bhaile!" Bha Coinneach Mòr, athair, aig muir, nuair a bhaisteadh Coinneach Beag. Seo mas do thòisich e dèanamh nam blocaichean concrete, mas d' fhuair e a' chiad làraidh. Gun fhiost dha a chaidh Coinneach Beag a bhaisteadh. Null 's a-nall à New Zealand 's Astràilia. Bosun. Mas fhàgadh iad Lunnainn, bhiodh e a' cur stiùbhard às a' Chaisteal Nuadh air tìr airson sgadan 's salainn garbh; a' toirt òrdugh theann dha gun tilleadh air bòrd às an aonais. Bhiodh an stiùbhard a' tilleadh an dèidh uaireannan a thìde le dà phoca canabhais 's a ghàirdeanan a' slaodadh ris ..." Earrann, Cuid a' Chorra-Ghrithich ............................ |
Tha an leabhar seo agus mòran eile gan reic aig làrach-lìn Ùr sgeul an seo.
|
Cothroman Obrach |
Tidsear Gàidhlig
Obar Dheathainn
Tuilleadh an seo gu 20mh An t-Ògmhios _________ Neach-Ealain-Dràma Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig
cuiribh fios thuca ro 10mh An t-Ògmhios ________ Tidsearan Còmhraidh
Meetup Gàidhlig Glaschu
Tuilleadh air an làrach-lìn aca an seo... _________ Neach-Teagasg Ceòl agus Innleadair Fuaim Colaisde a' Chaisteil, Beinn na Faoghla Tuilleadh an seo gu 20 An t-Ògmhios... _________ Manaidsear Phròiseactan Alba Aosmhor, Dumfries Tuilleadh an seo gu 17 an t-Ògmhios... _________ Tidsear Gàidhlig Àrd-Sgoil Braghad Albainn, Obar Pheallaidh Tuilleadh an seo gu 17 An t-Ògmhios... __________ Prìomh Oifigear Gnìomhaicheas Taigh Chearsabhagh Gu 15 An t-Ògmhios airson fiosrachadh: Dana MacPhee, Taigh Chearsabhagh Museum and Arts Centre, Lochmaddy, Isle of North Uist, HS6 5AA Post-d: dana@taigh-chearsabhagh.org Fòn - 01876 500 240 Air an litir cuir: CEO Vacancy .............................. |
|
|
Cuimhneachan airson Ishbel NicAsgaill Diardaoin 16 An t-Ògmhios 7.30f Eden Court, Inbhir Nis "Guth òr" ann an saoghal na Gàidhlig. Oidhche de dh'òrain agus ceòl a' gabhail àite ann an Inbhir Nis a' cuimhneachadh an seinneadair Gàidhlig a bhàsaich na bu thràth sa bhliadhna. Na beatha, thog i inbhe a chànan thairis a Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan - ann an 2006 thug i cobhair do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phluic an dèidh mì-chinnt mu mhaoinicheadh agus theagasg i Gàidhlig thairis air a Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan airson iomadh bliadhna. Bidh còmhlan à Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, Art Cormack, Donnchadh Chisholm, Sheena Wellington, Dougie Pincock, Elspeth Cowie agus barrachd a' cluich air an oidhche. Ged nach fheumar pàigheadh airson tiocaidean, tha e riatanach d' ainm a chur sìos air an son. Tuilleadh fiosrachadh an seo... .......................................... |
Fèis A' Chinn Shiair Dihaoine 3 gu Là na Sàbaid 26 An t-Ògmhios Ceann Siar Glaschu Aig Fèis A' Chinn Shiair a mhios seo, tha gu leòr tachartasan Gàidhlig a' dol air adhart... Blasad Gaidhlig Dimàirt 7 An t-Ògmhios Dimàirt 14 An t-Ògmhios 7f An Leanag Seiseanan far am faigh luchd-ionnsachaidh blasad air Gàidhlig, gnàthasan-cainnt, tùsan facail agus tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn dòighean teagasg inntinneach. Blasad Ùlpan Diardaoin 9 An t-Ògmhios Diardaoin 16 An t-Ògmhios Diardaoin 23 An t-Ògmhios 7f gach feasgair An Leanag, 22 Mansfield Street, Glasgow, G11 5QP Saor 's an asgaidh Cothrom dòigh-teagasg Ùlpan fheuchainn, dòigh a tha air cuideachadh a thoirt do iomadach dhuine gus cànanan ionnsachadh gu soirbheachail air feadh an t-saoghail. Blasad Seinn Diluain 13 An t-Ògmhios Diluain 20 An t-Ògmhios Leanag, 22 Mansfield Street, GlasgowG11 5QP
Saor 's an asgaidh (ach feumar clàradh air a shon)
Deagh chothrom beagan seinn Gàidhlig fheuchainn. A' tairgsinn trì bùithtean-obrach neo-fhoirmeil far am faigh sibh cothrom òrain ionnsachadh ann an àrainneachd chofhurtail. Gheibh sibh fàilte gu tradisean saoibhir ceòl Gàidhlig agus an cultar às an do dh'fhàs e. Bidh gach bùth-obrach air a leantainn le còmhradh goirid air Ùlpan.
Airson fiosrachadh, air neo airson clàradh, cuir fòn gu Duncan MacNeil air 0141 342 4119 air neo cuir post-d gu Duncan@anlochran.com Còisir Gàidhlig Ghlaschu 10 An t-Ògmhios KibblePalace, Glaschu
7.45f Feasgar de dh'òrain air a stiùireadh le Coinneach Thompson. Airson barrachd fiosrachadh cuir fòn gu 0141 334 2422
Tha fiosrachadh mu dheidhinn na tachartasan seo agus a h-uile rud a tha dol air adhart aig an fhèis ri lorg air làrach-lìn na fèise an seo: http://www.westendfestival.co.uk/
.......................................... |
Ainmeil Thar Cheudan 15 - 18 An t-Ògmhios Comharrachadh Ceud Bliadhna bho rugadh Somhairle MacGill-Eain
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach Ma tha sibh ag iarraidh àite a ghleidheadh aig a' cho-labhairt lìonaibh AM FOIRM AIR LOIDHNE seo a-steach no cuiribh fios gu Sandra Byrne air 01471 888 000 no air post-d. Mar chomharrachadh air ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911 - 1996), tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus an t-Ionad Albannach airson Sgrùdaidhean Eilein aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba a' toirt cuireadh dhuibh tighinn còmhla rinn aig comharrachadh de bheatha, de shaothair agus de na dh'fhàg e mar dhìleab. Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a bhios a' nochdadh ann, bidh Liz Lochhead, a chaidh a chur an dreuchd o chionn ghoirid mar Bhàrd-molaidh na h-Alba agus Aonghas MacNeacail. Bidh cuideachd an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin. Gheibhear fuireach aig a' Cholaiste airson £275 le trì oidhcheannan, biadh agus dìnneir na co-labhairt sa phrìs. Cosgaidh e £35 a bhith an làthair gach latha às aonais cosgais àite-fuirich agus tha prìsean sònraichte ann do dh'oileanaich. .......................................... |
Cursa Sònraichte Gàidhlig
13 - 17 An t-Ògmhios An t-Eilein Sgitheanach Thèid cùrsa sònraichte a thairgsinn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig as t-samhradh a tha ga chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus muinntir Fhlòdaigearraidh an ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanach. Bidh cothrom aig luchd-ionnsachaidh seachdain a chur seachad le muinntir na sgìre ag ionnsachadh mu chànan agus mu chultar an àite. Tòisichidh an cùrsa air Diluain 13 An t-Ògmhios (June) le prògram slàn de thachartasan a' dol gu Dihaoine 17mh. Cuir fios gu 01471 888242 air neo goirid@smo.uhi.ac.uk airson àite a ghleidheadh air a' chùrsa no tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn........................................... |
Seachdain Bàrdachd Sgeama Companas Dealbh-tìre Na Comraich 27 An t-Ògmhios - 1 An t-Iuchar A' Chomraich, Taobh Siar Rois
Air a chur air dòigh leis a'bhuidhinn Bealach, bidh an sgoil bhàrdachd còig latha seo a' brosnachadh is a' moladh bàrdachd Ghàidhlig tro chlasaichean, òraidean, bùithtean-obrach agus tachartasan air an oir. 'S e bàrdachd Uilleim Rois a tha againn mar chuspair am-bliadhna, bithear a'comharrachadh 100 bliadhna on a rugadh Somhairle MacGill-Eain agus cluinnidh sinn bho bhàird chliùiteach an là an-diugh leithid Rody Gorman, Maoilios Caimbeul agus Meg Bateman. Airson àite fhaighinn agus barrachd fiosrachadh:Fòn: 01520 744482 Tadhal air: www.sgoilbhardachd.co.uk no cuir post-d gu: sine@sgoilbhardachd.co.uk .......................................... |
Tachartasan eile ann an Alba Glaschu Gàidhlig airson Luchd-Ionnsachaidh Ùr 29 An t-Ògmhios Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 7f Ionnsaich an cànan gu neo-fhoirmeil le luchd-teagaisg à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. An uairsin feuch na dh'ionnsaich thu a-mach aig cruinnichidhean sòisealta agus tachartasn eile a bhios iad a' cur ri chèile. Airson tuilleadh fiosrachadh cuir fòn gu: 0141 632 0643 _________________________ Inbhir Nis Sgeulachdan Gàidhlig 16 An t-Ògmhios Abriachan, Inbhir Nis £3(£2) Lean Roddy Mac Gill-Eain agus e ag innse sgeulachdan agus a' toirt fiosrachadh mu ainmean àiteachan. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh mun choinneimh an uair a cheannachas sibh ur tiocaidean. Tha e riatanach gun èarlaisich sibh ur tiocaidean. _________________________ Obar Pheallaidh Fèis Obar Pheallaidh Disathairne 18 - Là na Sàbaid 19 An t-Ògmhios Làrach Choimhearsnachd Braghad Albainn
£7 (£5/Teaghlach £15) Deireadh-Sheachdain de bhùithtean-obrach Dannsa Gàidhealachd airson aoisean 8+, comas sam bith. Oideachadh air a thairgsinn air an fhidhill, òrain Ghàidhlig, dannsa ceum, giotàr, am bogsa, pìobaireachd agus cànan Gàidhlig. Tuilleadh fiosrachadh an seo...
Cuirm-Chiùil ann an Crannog: Fèill Meadhan An t-Samhraidh 21 An t-Ògmhios Loch Tay Ceòl tradiseanta Gàidhealachd, òrain Gàidhlig agus àrainneachd Linn an Iarainn. BBQ Linn an Iarainn agus leann. Ages 18+. Airson barrachd fiosrachadh: briog an seo... _________________________ Peairt Co-Fharpais Naiseanta Òrain Albanach 2011 22 An t-Ògmhios Talla-Chiùil Pheairt 10.15m A' gabhail àite gach bliadhna, tha a' cho-fharpais ag amas air òrain tradiseanta na h-Alba a chumail beò agus slàn. Tha i fosgailte dha còisirean sgoile/òigridh bho air feadh na h-Alba. Fòn: 01738 621031 www.saltiresociety.org.uk .......................................... |
|
|
Tha mi an dòchas gun chòrd an litir-naidheachd seo ribh. Cuiribh fios a dh'innse dhomh ma tha càil ann bu mhiann leibh fhaicinn innte an ath mhìos, neach sam bith bhom bu mhiann leibh cluinntinn no nì sam bith bu toigh leibh a chur a-steach innte! Le gach deagh dhùrachd Alexander Macleòid |
|
|
No comments:
Post a Comment